B' ann mu chuairt air Bapaume a bha an t-sabaid bu chruaidhe aig toiseach na Sultain, ann an sgìre a chaill na Gearmailtich sa Mhàirt 1917 's a choisinn iad air ais an ath Mhàirt. Air an 3mh den t-Sultain 1918 fhuair feachdan Breatannach sealbh air baile Lens agus chrìochnaich dàrna blàir an Somme, Arras agus Bapaume, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
An t-seachdain s' sgrìobh Seumas MacDhonnchaidh à Ìle, an litir mu dheireadh a sgrìobhadh e. B' e Seumas bràthair an t-seinneadair ainmeil Mairead NicDhonnchaidh - a th' air a cuimhneachadh gach bliadhna aig a' Mhòd Nàiseanta leis an fharpais chòisir air a bheil a h-ainm. Tha e a' toirt dealbh smaoineachail air na bha a' tachairt timcheall air agus aig an aon àm dealbh soilleir na inntinn air an dachaigh. Cluinnidh sinn earrannan den litir. Show less