Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,892 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 214

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Bho chionn beagan sheachdainean, aig toiseach an Lùnastail 1918, bha na Co-chòmhragaich air a bhith a' feuchainn air loidhnichean dìon nan Gearmailteach, loidhnichean a bha a' sìor fhàs lag. Bha Blàr Amiens air tòiseachadh air an ochdamh latha is air a leantainn le grunn bhatail eile agus a-nis, aig deireadh an Lùnastail bha Dàrna Blàir Arras air tòiseachadh agus Blàr na Scarpe nam measg.

Air an 28mh den mhìos choisinn Daibhidh Lowe Mac an t-Saoir, a rugadh ann am Mansa na h-Eaglaise Saoire am Port na h-Abhainne an Ìle, Crois Bhictoria. Bha e a' sabaid còmhla ris an HLI. Tha an iomradh a chluinneas sinn air a threubhantas a' toirt sealladh dhuinn air duine a choisinn an duais as aìrde airson gaisgeachd.

Ann am Moscow thug boireannach òg, Fanya Kaplan, ionnsaigh air Lenin is e a' fàgail factaraidh airm. Chaidh peilear tro chòta, peilear eile tro amhaich, agus stad peilear eile na ghualainn chlì. Gu h-iongantach cha deach a mharbhadh. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè a thachair dha Fanya Kaplan. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More