Air deireadh sheachdain meadhanach den Lùnastal 1918, rinn feachdan nan Co-chòmhraigeach tuilleadh adhartais air an Aghaidh an Iar.
Bha aithrisean sna meadhanan cuideachd gu robh Riaghaltas Bhreatainn air gearain gu cruaidh mun dìol a dh'fhuiling cuid de phrìosanaich agus feadhainn a bh' air an leòn aig làmhan nan Gearmailteach na bu tràithe air a' bhliadhna. Chaidh iomradh a thoirt gu seachd àraid air casaidean gun deach connadh na theine a thionndadh air feadhainn a bh' ann an rèiseamaid an Fhreiceadan Dubh.
Bha Highland News na seachdain ag innse mu Ghearmailteach a bha air nochdadh a' lorg obair ann an Drochaid Charra. A' gabhail an ainm Peter Edgar Valdemar Davidson air fhèin, chaidh aige air obair fhaighinn air tuathanas ionadail, ach cha b'fhada gus an do dh'fhàs an tuathanach amharas mun choigreach agus chaidh an gnothach a thoirt gu aire nam poileas. Show less