Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 212

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Thàinig Blàr Amiens gu ceann air deireadh sheachdain an 10mh 's 11mh den Lùnastal 1918. B' e buaidh chudromach a bh' ann agus am beachd mhòran b' e seo am batal far an do dhrùidh e air na Gearmailtich gun robh iad air an Cogadh Mòr a chall. B' e Amiens a' chiad bhlàr anns an deach ionnsaigh cho-òrdanaichte a dheànamh sa chogadh le gunnachan, tancaichean, feachdan coisridh agus itealan cogaidh uile air an cleachdadh aig an aon àm. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn cho deatamach 's a bha Amiens.

Bha a Highland News a' togail air searmon cumhachdach a rinn an t-Urramach Anndra Dùbhghlas ann an Inbhir Ghòrdain air a' phrìs a bhathas a' pàigheadh airson saorsa. San aon iris nochd pìos bàrdachd Gàidhlig fon ainm Cumha airson Eachann MacLeòid à Sanndabhaig a chaill a bheatha as dèidh dha a bhith air a leòn aig na Dardanelles ann an 1915. B' e bean Iain MhicLeòid à Cnoc Shanndabhaig a sgrìobh na rannan mar chuimhne air a dalta 's cluinnidh sinn cuid dhiubh air aithris. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More