Air Diluain 5mh den Lùnastal, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill, chaidh an oidhirp mu dheireadh a dhèanamh ionnsaigh a thoirt air Sasainn le soithichean-adhair. Dh'fheuch còig soitheach-adhair ri tighinn tarsainn Caolas Shasainn air feadh na h-oidhche ach an luib droch shìde cha do ràinig gin aca an ceann-uidhe agus chaidh tè dhiubh, L70 an Zeppelin a b'ùire aig na Gearmailteach, a leagail às an adhar. Uile gu lèir chaidh leth-cheud 's a h-aon ionnsaigh soitheach-adhair a thoirt air Breatainn tron chogadh anns an deach bomaichean a leagail.
Air an 7mh là, thàinig Blàr a' Mharne gu ceann. B' e buaidh chudromach a bha seo dha na Co-chòmhraigich san ionnsaigh mhòr mu dheireadh a bh' aig na Gearmailtich, ach cha b'iann gun phrìs a chaidh a' bhuaidh sin a chosnadh. Chaidh 168,000 Gearmailteach, 95,000 Frangach, 13,000 Breatannach agus 12,000 às na Stàitean Aonaichte a leòn neo a chall. Ach cha b' e sin deireadh an t-sabaid ge-tà oir an lathairne mhàireach, thòisich an dara sreath de bhatail air an Somme. Theirear Ionnsaigh Amiens no Treas Blàr Phicardy ris cuideachd. Show less