Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 210

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Bha Arm nan Co-chòmhragach fhathast dlùth air sàil nan Gearmailteach aig deireadh an Iuchar 1918, agus an ruaig a' leantainn gu tuath air Abhainn Mharne. Bha iad a-nise naoi mìle an ear-thuath air Chateau Thierry. Air an 28mh là chaidh baile Fère-en-Tardenois a ghabhail thairis leotha. Chaidh na h-Ameirigeanaich tarsainn air Abhainn Ourcq air an aon latha, agus ghabh iad sealbh an dèidh sin air ceithir bailtean eile. Beagan an dèidh meadhan-latha rinn an 15th (Scottish) Division, fo chomannd an t-Seanalair Fhrangach Mangin, oidhirp às ùr air baile Buzancy a ghabhail thairis, le taic o na h-aonadan Frangach, Ameirigeanach is Breatannach air gach taobh dhiubh. Bha Buzancy agus an talamh àrd mun cuairt air cudromach ma bha na Frangaich dol a thogail air an adhartas a rinn iad gu seo anns an sgìre. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a bha Rèisimeid nan Sìophortach an teas-mheadhan na sabaid le cunntas bhon Lieutenant Alasdair MacThòmais, no Aileagan Sheumais à Tung ann an Leòdhas. Ach chaidh àireamh mhòr de na saighdearan Sìophortach a mharbhadh san t-sabaid. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More