Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,694 playable programmes from the BBC

Sgeulachd Beatha

Tormod MacArtair 1/4

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Tormod MacArtair, neo Am Brot mar as eòlaich daoin' air, air a bhith ri obair luingeis air cidhe Steòrnabhaigh airson còrr is dà fhichead bliadhna. Ron a sin bha e deugachadh a bhliadhnaichean air feadh Alba anns an t-Seirbhis Chatharra agus thug e cuideachd dà bhliadhna anns an arm ann a Sasainn 's an Èirinn a' dèanamh a Sheirbhis Nàiseanta. Agus tha e air fad a bheatha, cha mhòr bho thàinig e dhan an t-saoghal ann a 1938, a thoirt a' leantainn neo a' cluiche ball-coise agus raon-cluiche sgioba Chàrlabhaigh còmhnard mu choinneamh an taigh anns na rugadh 's na thogadh e air Sràid Sheumais.

B' e athair Thormoid, Tormod Beag Thormoid Sheumais agus bràthair athair, Coinneach, a thog an taigh air Druim na Lic, agus ceann aig gach duin' ac', air an tug iad Cnoc Glas ( às dèidh an àite far na thogadh iad am Mullach Chàrlabhaigh). B' ann à Seisiadar anns a' Rubha a bha a mhàthair, Cairistiona Alasdair Dhòmhnaill Bhàin.

Anns a' chiad prògram de cheithir tha Tormod ag innse mu thoiseach a là. Rugadh e bliadhna mus do thòisch an dàrna cogadh 's ged a bha athair as a' chogadh bha toiseach a là aig Tormod dòigheil, toilicht' gu là reoite, geamhraidh 's e mu thrì bliadhna a dh'aois, nuair a bha tubaist aige. Cluinnidh sinn cuideachd mar a fhuair e am far-ainm 'Am Brot', mu thurchartas sealbhach aig àm a' chogaidh agus gheibh sinn a-mach carson a tha Tormod air a bhith a' toirt taic do sgioba ball-coise Rangers fad a bheatha. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More