Ann an 2016 rinn Frances O' Connell às a' Ghearasdan co-dhùnadh cudromach na beatha, b' e sin a dhol gu ruige Mexico airson leigheas sònraichte a bha air a bhith soirbheachail do chuid a bha a' fulang leis an tinneas MS. Cha robh an dòigh leigheas seo - far am biodh iad a' cur bun-chealla fala na bodhaig neo HSCT stem cell transplantation - gun chosgais is iomagain, ach bha Frances, a bh' air a bhith a' fulang leis an tinneas airson còrr air fichead bliadhna, cinnteach gur e sin an t-slighe a bha ise airson a ghabhail. Bha i làn dòchais gun cuidicheadh seo i a' faighinn air a casan ceart a-rithist airson ùine phrìseil a chur seachad le a cuid oghaichean, fiu 's dìreach an toirt cuairt dhan phàirce.
Anns a' chiad phrògram dh'fhàg sinn Frances agus i air Mexico a ruighinn agus air tòiseachadh air chemotherapy a bha mar phàirt dhan leigheas. Tha Frances fhèin air cunntas a chlàradh air a turas a Mheagsago, turas a bha aig amannan gu math duilich, ach turas cuideachd a thug misneachd mòr dhith. Show less