Chan eil nas eòlaiche air biadh math, fallain is sàr uisge beatha na h-Alba na Murchadh Caimbeul. Bidh e a' reic an dà chuid na dhreuchd làitheil agus tha e-fhèin agus a bhean a' ruith taigh-aoigheachd ann an Inbhir Nis.
Tha Murchadh gu mòr a' sàs ann an saoghal Gàidhlig na Gàidhealtachd agus tha e na chathraiche air Comann Gàidhlig Inbhir Nis ach sann mar eòlaiche-bidh is uisge beatha a tha luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal agus luchd-amharc BBC Alba eòlach air.
Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath seo de Sealladh Eile, gheibh sinn a-mach dè an dreuchd a bha Murchadh ag iarraidh a leantainn nuair a bha e a' fàs suas, cluinnidh sinn mu aon nì a dhèanadh a bheatha nas fheàrr agus innsidh e cò an ceathrar a mhiannaicheadh e a bhith timcheall a' bhùird airson dinnear sònraichte. Show less