Thogadh Sandra Mhoireach ann am Port Nis, air a' Bhac agus ann an Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais. A' fàs suas, bha i air a beò-ghlacadh le àilleachd nan sgìrean timcheall oirre agus mothachail air na sgilean a bh' aig a pàrantan. Bha a h-athair a' togail bhàtaichean agus a màthair a' ruith gnìomhachas obair-fighe.
Chaidh i gu Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 1970 agus goirid às dèidh dhith ceumnachadh thòisich i a' dealbhadh aodach a nithear an aon uair a-mhàin bho a dachaigh ann an Inbhir Nis. Mean air mhean, chaidh a cliù am meud agus tha i an-diugh na dealbhadair-aodaich eadar-nàiseanta, a' dealbhadh do chleasaichean, luchd-ciùil agus fiù's dhan Bhanrigh fhèin. Tha a cuid obrach tric ga toirt gu Lunnainn, New York, Paris agus Tokyo far am bi i an sàs ann an taisbeanaidhean, coimiseanan, co-obrachadh, sàr-chlasaichean is tachartasan de gach seòrsa. Show less