Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,031 playable programmes from the BBC

Am Bàrd - Iain Macartair

05/06/2018

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

'S e ma'-sgoile, bàrd, sgrìobhaiche, seinneadair, agus craoladair a bh' ann an Iain MacArtair, Iain a' Phoilisman neo Lofty, mar a bh' aig cuid air le cho àrd, caol 's a bha e. Rugadh e ann a Suardail sa Rubha a Leòdhas air an 6mh den Ògmhios 1918. A thuilleadh air a bhith a' teagasg ann an Àrd-sgoil agus Bun-sgoil Steòrnabhaigh airson faisg air 40 bliadhna bha e cuideachd dripeil na cheann-suidhe air Comunn Gàidhealach Leòdhais, na chomhairliche Gàidhlig aig Còisirean Steòrnabhaigh agus Lacasdail agus a' ruith taigh-aoigheachd còmhla ri bhean Catriona. Agus am meadhan a h-uile càil a bha sin, agus le ceathrar chloinne mu chasan, bhiodh Iain a' sgrìobhadh bàrdachd agus rosg dha fhèin agus do dhaoin' eile agus dhan a' BhBC. Cluinnidh sinn mar a sgrìobh e Creag an Fhraoich agus Aimh-chrò 's mu na cuspairean mu robh e a' sgrìobhadh rosg, leithid bàrdachd Uilleim Dhòmhnaill 'ic Coinnich agus An Àirigh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More