Bha sanas ann am Pàipear an Òbain air 18mh den Cheitein 1918 ag innse mu na riaghailtean ùra co-cheangailte ri togail dhaoine dhan Chogadh, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris. Chuir a' Phàrlamaid an aois airson seo suas anns a' Ghiblean gu 51 air sgàth na bha de shaighdearan gan call san Fhraing ann an Iomairt an Earraich. Anns an t-sanas a bha sa phàipear, bha liosta fada de na h-obraichean ris nach biodh an riaghailt seo a' buntainn, leithid obair fearainn is seirbheisean feumail eile.
Bha artaigil sa phàipear cuideachd mu na gearainean a bha aig tuathanaich chaorach mun a' phrìs a bha iad a' faighinn on Riaghaltas airson clòimh.
Bha moran ionnsaighean bhon adhar air gach taobh agus bha na bomairean Gearmailteach ag amas gu h-àraidh air drochaid air Abhainn aig Etaples ach bhuail cuid de na bomaichean aca togalaichean eile sa bhaile. Nam measg bha dà ospadal Canèidianach. Chaidh còrr is 60 a mharbhadh, nam measg triùir nursaichean. Dh'fhuirich a' chuid mhòr de na nursaichean còmhla ri na leòintich an àite dhol a lorg fasgadh, agus chaidh Bonn a' Mhìlidh son gaisge a thoirt do dhithis dhiubh air sgàth sin.
Bha iomraidhean anns an Highland News a' gearain air obair Riaghladair a' Bhidhe. Bha aon litir a' càineadh an t-seòrsa arain a bha ri fhaighinn sa cheann-a-tuath. Bha litir eile ann a' gearain air cho toinnte is a bha an ceisteachan a dh'fheumadh daoine a lìonadh airson leabhar rations fhaighinn. A rèir an sgrìobhaiche cha robh barrachd air deich neach às a' cheud ann an Siorrachd Rois a bha comasach air a lìonadh a-steach ceart.
Air 27mh den Chèitein chuir a' Ghearmailt air chois Iomairt Blücher-Yorck, an treas pàirt de Iomairt an Earraich, ann an sgìre Abhainn Aisne. Thòisich am blàr sa mhadainn leis a' Ghearmailt a' losgadh air na Co-chòmhragaich le còrr is 400 gunna-mòr. Bha na gunnachan a' cuimseachadh gu h-àraidh air Druim Chemin des Dames far an robh feachd Breatannach fon t-Seanalair Sir Alexander Hamilton-Gordon air an suidheachadh. Gheibh sinn a-mach ciamar a chaidh am blàr.
Ged a bha an t-sabaid a' dol cho cruaidh 's bha e riamh eadar aibhnichean an Oise 's a' Mharne, bha an naidheachd às an Fhraing thairis air an deireadh sheachdain aig toiseach an Ògmhìos 1918 a' toirt fa-near gun robh casg ga chur air ionnsaigh mhòr na Gearmailt.
A dh'aindheoin cuideam bho na feachdan Gearmailteach bha na Frangaich a' seasamh aca gu daingeann. 'S e glè bheag de dh'adhartas a bha iad a' dèanamh agus b'e an aon rud a bha na uallach gun robh an talamh àrd an iar air Chateau Thierry, còrr is dà fhichead mìle bho Paris a-nis ann an làmhan nan Gearmailteach.
Air an treas latha thug riaghaltasan Bhreatainn, na Fraing agus na h-Eadailt geallaidhean seachad aig Versailles a' cur taic ri muinntir na Pòlainn, Cecaich, Slobhàcianaich agus Iugoslàbhaich a bha ag iarraidh fèin-riaghladh. B'e innleachd a bha seo gus toirt air na dùthchannan sin gluasad air falbh bho bhuaidh na Gearmailt, rud a thigeadh gu buil ro dheireadh na bliadhna.
Agus bha iomradh ga thoirt air gaisgeachd eileanach eile ann an Gaseat Lunnainn: Seumas MacIain, Seumas Beag 'ain Johnson à Loch a' Chàrnain an Uibhist a Deas. Bha Seumas air Bonn a' Mhilidh fhaighinn cheana ann an 1917 agus choisneadh e duais DCM mus biodh an cogadh seachad. 'S iongantach gun robh saighdear eile à Uibhist a Deas a choisinn uiread de bhuinn sa Chogadh Mhòr ris. Show less