Belladrum
2017 Highlights
Episode 15: Neon Waltz
24 minutes
Blas de cuid de na còmhlain a bha cluichd aig Fèis Bhelladruim, 2017. Anns a' phrògram-sa, chìthear Neon Waltz, an còmhlan Indie Roc Albannach à Inbhir Ùige agus Taigh Iain Ghròta; le bràithrean; Kevin & Jamie Swanson còmhla ri Calvin Wilson, Liam Whittles, Darren Coghill & Jordan Shearer. Chluichd Neon Waltz an àrd-ùrlair Hothouse air oidhche Shathairne. Tha Neon Waltz air turas air feadh Bhreatainn an-dràsta.
Tha Fèis a' Chridhe Tartan Bhelladruim air a bhith ruith o dhà mhìle 'sa ceithir nuair a bha an ceòl a' dol dìreach airson aon là. A-nis, tha an fhèis a ruith fad trì làithean agus abair rionnagan ciùil a bhitheas i tarraing! Anns na bliadhnaichean o chionn ghoirid, bidh faisg air seachd mile deug neach a' tadhail oirre, ach ged a tha an fhèis a' fàs nas motha cha mhòr gach bliadhna, tha an luchd-amharc an còmhnaidh càirdeil agus beòthail.
Highlights from the 2017 Belladrum Tartan Heart music festival. This show features Neon Waltz, a Scots indie rock outfit from Wick and John o' Groats, featuring brothers Kevin and Jamie Swanson along with along with Calvin Wilson, Liam Whittles, Darren Coghill and Jordan Shearer. They played the Saturday night on the Hothouse Stage. Show less