Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,849 playable programmes from the BBC

Taisbeanadh na h-Ìmpireachd 1938

2/2

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Chaidh Taisbeanadh na h-Ìmpireachd 1938 fhosgladh le Rìgh Seòras VI air an 3mh là den Chèitein aig Pàirce Ibrox an Glaschu. Thairis air an t-samhradh thadhail còrr is 12 millean duine gu Pàirce Bellahouston far an robh an taisbeanadh stèidhte. Do mhuinntir Ghlaschu bha e mar saoghal eile; còrr is 100 togalach eireachdail air an dealbhachadh le sgioba de dh'ailtirean bho stiùir an ailtire Tòmas Tait à Pàislig.

Ri taobh Tùr na h-Ìmpireachd, a bha 300 troigh a dh'àirde, bha taighean-tughaidh a' Chlachain anns am faicear Gàidheil a' snìomh is ag obair ann an ceàrdaich. Chan eil ach aon thogalach bhon taisbeanadh ann an 1938 air fhàgail am Bellahouston an-diugh, sin Lùchairt nan Ealan a tha na ionad spòrs aig Comhairle Baile Ghlaschu. Tha Catriona Mhoireach a' faighinn a-mach mun taisbeanadh agus mu a dhìleab. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More