Rugadh is thogadh Ailig Greumach ann am Borgh air taobh siar Eilean Leòdhais. Chaidh oideachadh ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh agus Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e le urram ann am fiosaigs. Rinn e a dhreuchd ann an cunntasachd agus tha e air a bhith a' tàmh ann an Inbhir Nis bho 1979. Tha e air a bhith an sàs ann an Comhairle Sgìreil Inbhir Nis agus ann an Comhairle na Gàidhealtachd thar iomadh bliadhna agus bha e na Phròbhaist bho 2012 gu 2015.
A bharrachd air na bhios e a' caitheamh de dh' ùine ann an riaghaltas ionadail, tha mòr-ùidh aige ann an cultar na Gàidhlig, coimpiutaireachd, eachdraidh agus ball-coise, gu h-àraidh Inverness Caley!
Anns an dàrna prògram den t-sreath, cluinnidh sinn dè an rud a b'fheumaile a dh'ionnsaich a phàrantan dha, dè an dreuchd a bha e airson a leantainn nuair a bha e a' fàs suas agus gheibh sinn a-mach cò an ceathrar a bheireadh esan gu dinnear? Show less