Anns an t-sreath seo tha cothrom againn èolas a bharrachd, eòlas nas pearsanta 's dòcha, a chur air Gàidheil a tha aithnichte do luchd èisteachd Radio nan Gàidheal nan obair làitheil.
Bho bha i na nighean òg ann an Uibhist a Tuath, tha ùidh dhealasach air a bhith aig Julie Fowlis ann an ceòl is cultar na Gàidhlig.
Cha robh e na mhòr-iongnadh, mar sin, gun do roghnaich i ceòl a leantainn mar dhreuchd. 'S gann gu bheil inneal-ciùil ann nach cluich Julie agus tha i aithnichte fada bho chrìochan na Gàidhealtachd an-diugh mar shàr sheinneadair air clàr, air an sgàilean agus air an àrd-ùrlar. Bidh i a' seinn aig tachartasan mòr eadar-nàiseanta, mar cuirm-fhosglaidh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis 2014 ann an Glaschu, agus cuirm-chrìochnachaidh Cupa Ryder ann an Chicago ann an 2012.
B' i a' chiad tosgaire Gàidhlig a chaidh ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba, chaidh a fastadh le Disney-Pixar gus na prìomh òrain a sheinn sa film aca BRAVE agus tha i tric na neach-aithris air prògraman-ciùil air Radio 2, 4, Alba is Radio nan Gàidheal, a bharrachd air prògraman telebhisein air feadh Bhreatainn is ann an Eirinn.
Anns a' phrògram seo, tha ceistean pearsanta aig Iain MacIlleMhìcheil dha Julie. Gheibh sinn a-mach dè na rudan a chuireadh iongnadh air daoine mu dèidhinn, dè an gnìomh a bu threasa a rinn i a-riamh agus saoil cò an ceathrar a chòrdadh e rithe fhiathachadh gu dinnear agus carson? Show less