Belladrum
2017 Highlights
Episode 12: Vukovi
25 minutes
Blas de cuid de na còmhlain a bha cluichd aig Fèis Bhelladruim, 2017. Anns a' phrògram-sa, chìthear Vukovi; ceathrar Albannach à Glaschu a bha a' cluich air Àrd-làir Hothouse air an dara là den fhèis leis a' chiùil 'roc pop probhail' aca fhèin. Anns a' chòmhlan tha an seinneadair, Janine Shilstone; Hamish Reilly air giotàr; Jason Trotter air a' bheus agus Colin Irving air na drumaichean. Thainig Vukovi ri chèile ann an 2010 nuair a bha na balaich anns a' chòmhlan 'Wolves' a' sireadh seinneadair ùr, agus nuair a thàinig Janine air bòrd, dh' atharraich iad ainm a' chòmhlan gu Vukovi, facal Sèirbis airson madaidhean-allaidh.
Tha Fèis a' Chridhe Tartan Bhelladruim air a bhith ruith o dhà mhìle 'sa ceithir nuair a bha an ceòl a' dol dìreach airson aon là. Anns na bliadhnaichean o chionn ghoirid, bidh faisg air seachd mìle deug neach a' tadhail oirre, ach ged a tha an fhèis a' fàs nas motha cha mhòr gach bliadhna, tha an luchd-amharc an còmhnaidh càirdeil agus beòthail.
Highlights from the 2017 Belladrum Tartan Heart music festival.
This show features Glasgow four-piece Vukovi. The band unleashed their experimental rock-pop sound on the Hothouse Stage on the second day of the festival. Vukovi formed in 2010, when the band Wolves was looking for a new lead singer. Bandmates Hamish Reilly, Jason Trotter and Colin Irving got Janine Shilstone on board and renamed the band Vukovi, the Serbian word for wolves. Show less