Bheir Fiona NicCoinnich agus Niall-Iain Dòmhnallach fàilte is furan dhuibh do shealladh air Fèis a' Chridhe Tartan Bhelladruim bho 2017. Anns a' phrògram-sa, chìthear First Aid Kit, an còmhlan folk leis na peathraichean Suaineach; Johanna agus Klara Söderberg a' cluich àrd-ùrlair Garden air a' chiad oidhche den fhèis. Èistibh airson an t-òran 'It's a Shame' bho 'Ruins', an clàr ùr aca a thàinig a-mach aig toiseach na bliadhna.
Tha Fèis a' Chridhe Tartan Bhelladruim air a bhith ruith o dhà mhìle 'sa ceithir nuair a bha an ceòl a' dol dìreach airson aon là. A-nis, tha an fhèis a ruith fad trì làithean agus abair rionnagan ciùil a bhitheas i tarraing! Anns na bliadhnaichean o chionn ghoirid, bidh faisg air seachd mile deug neach a' tadhail oirre, ach ged a tha an fhèis a' fàs nas motha cha mhòr gach bliadhna, tha an luchd-amharc an còmhnaidh càirdeil agus beòthail.
Fiona MacKenzie and Niall Iain Macdonald present highlights from the 2017 Belladrum Tartan Heart music festival.
This show features First Aid Kit, a contemporary folk outfit made up of Swedish sisters Johanna and Klara Soderberg, who hail from just outside Stockholm. First Aid Kit played the Garden Stage on the opening night of the festival and performed a host of their hits, including the track It's a Shame, from their album Ruins. Show less