Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,491 playable programmes from the BBC

B' e M' eudail Miughalaigh

Crìsdean Dillon a' tadhal air Miughalaigh - 2/2

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Crìsdean Dillon a' leantainn air a thuras a dh' Eilean Mhiughalaigh far na rugadh a sheanair. Bha Crìsdean a-riamh airson tadhal air an eilean airson barrachd fhaighinn a-mach mu eachdraidh an àite. Bha e ann an deagh chuideachd air an eilean còmhla ri Iain Ailean MacNèill a thug ann e leis an sgoth aige fhèin agus tòrr fiosrachadh aige mun àite agus cuideachd Iagan MacNèill a bha na chìobair air an eilean na òige. Eadar an dithis aca bha Crìsdean air a dhòigh a' faighinn a-mach mu eachdraidh, dòigh-beatha agus sgeulachdan às an eilean agus thadhail iad cuideachd air seann làraich .

Cluinnidh sibh taghadh de dh'òrain anns a' phrògram aig a bheil buntanas ris an eilean agus dha seinn tha Criosaidh NicNèill agus Màiri NicDhòmhnaill. Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 1995. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More