Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Coinneach MacÌomhair

Coinneach madainn Diciadain

Duration: 57 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Mìnichidh Niall Mitchison dè a tha an lùib an obair Àrd-Rùnaire a' Chomisean Eòrpaich.

Tha sinn a' cuimhneachadh air a' chleasaiche Ken Dodd a' chaochail Latha na Sàbaid agus sinn a' faighneachd a bheil àite aig an stoidhle comadaidh seo anns an latha a th' ann? Gheibh sinn beachd bho thriùir a bha an sàs ann an comadaidh thairis nam bliadhnaichean, Dolina Nic Illinnein, Dòmhnall Moireasdan agus Calum MacFhionnghuin.

Chaidh coinneamh COBRA a' ghairm dà thuras an t-seachdain sa chaidh. Gheibh sinn a-mach bho Thorcuil Crichton dè a tha am facal COBRA a ciallachadh. Dè cho deatamach sa tha na coinneamhan a tha seo? Cò a tha gan gairm ? Càite a bheil na coinneamhan air an cumail? Cò a bhios an làthair? Cuin a thòisich an riaghaltas air cumail coinneamhan COBRA an toiseach?

Cluinnidh sinn mar a chaidh dha Ceitidh Mhoireach leis an dùbhlan trì leabhraichean a cheannach ann am bùithtean charthannais airson còig notaichean no nas lugha. bbc.co.uk/coinneach. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More