Sann tro na meadhanan shòisealta a fhuair na peathraichean Kerry is Kirsty Nic a'Phi à Uibhist a Deas a-mach càite an robh na slighean baidhseagail a b' fheàrr le muinntir na dùthcha. An turus seo tha iad aig Loch Lìomhann a tuath air Taigh an Droma cuide ri Cailean MacLeòid - tha'm baidhseagal na ghoireas dha-san, a bheir a-mach e gu na beanntan a bu mhiann leis a dhìreadh.
A' tòiseachdainn aig bonn Beinn Dobhrain, tha Cailean gan treòrachadh tarsainn iomadh sruth is abhainn a' dòrtadh a-nuas bho na mullaich. Cha deach aige fhèin no aig Kirsty air an casan a chumail tioram, agus chan eil greim truais aig Kerry riutha. Tarsainn Slighe Taobh Siar na Gàidhealtachd, fo loidhne an rèile, agus suas gu faing far an robh am bàrd ainmeil Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir uairigin glè eòlach.
Cycling sisters Kerry and Kirsty MacPhee from South Uist take to social media to find out the nation's favourite bike routes. In this episode, they are just north of Tyndrum at Loch Lyon with hill-walker Colin MacLeod, whose bike is a means to an end for reaching more summits.
Starting their route at the foot of Beinn Dorain, Colin has a slalom of river crossings lined up for the girls and they battle across fjords flowing down from the surrounding hills. Unfortunately for Colin and Kirsty, they don't manage to stay dry - and Kerry isn't sympathetic for their wet feet. They pass over the West Highland Way, which attracts walkers all year round, before riding under the West Highland Railway Line. Colin and the girls then stop at the fank where famed Gaelic poet Duncan bàn MacIntyre once lived and worked. Show less