Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,685 playable programmes from the BBC

Coinneach MacÌomhair

Coinneach madainn Diardaoin

Duration: 1 hour, 3 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Se Emmanuel Macron a' chiad Cheannard Stàit anns an Fhraing nach do chur seachad ùine anns na Feachdan Armaichte agus a-nis tha an dearbh dhuine air co dhùnadh gum bu chòir Seirbhis Nàiseanta tilleadh air ais airson a h-uile duine òg. Tha cuimhne aig Seonaid Boydell mar a chaidh cur às don t-Seirbhis Nàiseanta anns an Fhraing bho chionn fichead bliadhna.

Fhuair Coinneach iasad de thrì leabhraichean a tha dìreach ceud bliadhna a dh'aois - Am Faclair Dwelly, an dàrna foillseachadh, a' chiad fhear air a cheartachadh. Chan eil na còmhdaichean ann an deagh òrdugh ach air an duilleag toisich tha bileag a tha ag innse ann an Laidinn gur e duais a bha seo do dh'fhear Iain Macleòid bho Roinn Cheiltich Oilthigh Ghlaschu anns a' bhliadhna 1920. Tha an t-Ollamh Aonghas MacCoinnich ann an Glaschu agus Iain MacArtair bho Chomunn Eachdraidh Chàrlabhaigh ann an Leòdhas air a bhith a' cuideachadh Choinnich a' rannsachadh an eachdraidh, na daoine ceangailte ris an leabhar agus am foillsichear an t-Ollamh Calder.

Cuideachd sgeulachd an t-Ollamh Jeremy Bentham nach d'fhuair riamh an cothrom turas a dhèanamh gu na Stàitean Aonaichte. Ach a-nis 186 bliadhna an dèidh a bhàis tha a chorp a tha air a bhith air a thaisbeanadh ann an Lunnainn bho chaochail e, a' gluasad gu taigh-tasgaidh ann an New York. B' e feallsanaiche a bh' ann am Bentham agus tha Dòmhnall Macleòid còmhla rinn airson an sgeulachd iongantach seo innse.

Agus tha Aonghas Dòmhnallach air ais le taghadh eile de sgeulachdan à Courier Inbhir Nis a tha a' comharrachadh 200 cheud bliadhna. bbc.co.uk/coinneach. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More