Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,177 playable programmes from the BBC

Dèanamaid Adhradh

An t-Urr Coinneach Dòmhnallach, nach maireann (Kenny Sammy)

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 40: 7-8 air fonn Evan agus Salm 126: 1-2 air fonn Morven. 'S e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Eaglais Shaor Phort Rìgh.

Leughadh: Iosua 2: 1-30
Ceann-teagaisg: Iosua 2

Rugadh Coinneach anns an Eilean Sgiathanach ann an 1935. Às dèidh Seirbhis Nàiseanta a' dhèanamh chaidh e an uair sin a dh'obair gu Roinn nan Cusbainn agus thug an obair e gu ruige Steòrnabhagh. Fhad 's a bha e ann an Leòdhas bha e am measg na ciad chomhairlichean a chaidh a thaghadh airson Comhairle nan Eilean Siar ann an 1974 agus e a' riochdachadh Sgìre Chuil. Bha e cuideachd na chluicheadair ball-coise air leth. Dh'fhàg Mgr Dòmhnallach a dhreuchd aig Roinn nan Cusbainn gus slighe eile a ghabhail na bheatha agus chaidh e air ais dhan cholaiste airson trèanadh airson na ministrealachd.

Fhad 's a bha e na oileanach ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1981 thàinig an naidheachd dhuilich gun robh an nighean aige, Alison, air chall ann an Kashmir 's gun i ach 19 agus i air thuras còmhla ri caraid anns na h-Innseachan. Chum Mgr Dòmhnallach air a' strì airson lorg fhaighinn air Alison còrr air 30 bliadhna agus e cinnteach gu robh i fhathast beò agus gu faiceadh e a-rithist i. Chaidh e fhèin 's a bhean, Reta, gu ruige na h-Innseachan còrr air fichead turas thar nam bliadhnaichean.

Às dèidh an trèanadh aige a dhèanamh ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire, chaidh Mgr Dòmhnallach a ghairm gu coitheanal Ros Cuithne ann an 1984, bha e an sin airson aona bliadhna deug. B' fheudar dha a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal a leigeil dheth agus e a' fulang le MS ach, a' dh'aindheoin sin, bha e fhathast a' searmonachadh thall 's a bhos, ged a bha a fhradharc a' fàilligeadh.

Bhàsaich Mgr Dòmhnallach san Fhaoilleach 2018 aig aois 83 anns an ospadal ann an Drochaid a' Bhanna ann an Cataibh. Tha e a' fàgail a bhean Reta agus triùir de theaghlach a bharrachd air Alison. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More