Rugadh Ealasaid Chaimbeul ann am Barraigh ann an 1913, dìreach mus do thòisich a' Chiad Chogadh. Chuir i a' mhòr-chuid de beatha obrach seachad a' teagasg am Barraigh agus ann a Bhatarsaigh le greisean cuideachd air tìr-mor. 'S e leabhar mu beatha a th' ann an Air Mo Chuairt a tha toirt dhuinn dealbh mionaideach air coimhearsnachd eileanach aig an àm ann an cainnt bheartach Bharrach. Chaochail Ealasaid ann an 1981.
Dha leughadh dhuinn tha Màiri Liz NicFhionghuin, bana-Bharrach a chuir bliadhnaichean seachad a' teagasg chloinne.
Tha BBC Radio nan Gàidheal a' toirt thugaibh Air mo Chuairt ann an co-bhonn ri Acair a dh'fhoillsich an leabhar às ùr ann an 2016. Show less