Bha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain iomadh mìle bho àite bhreith is àraich anns na h-Eileanan an Iar sna bliadhnaichean mu dheireadh dha bheatha agus e fhèin agus a bhean, Helen a' fuireach gu dòigheil an cois Abhainn Mira ann am Marion Bridge, faisg air Sydney an Eilean Cheap Breatainn. Ach na inntinn, agus le teicneòlas, chan robh an t-astar idir cho fada.
Na bheatha-obrach shoirbheachail bha e na thidsear, na riochdaire rèidio agus telebhisean, na chonaltraiche corporra agus na Iar Cheannard air Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Ach os cionn a h-uile càil 's e Gàidheal a bh' ann. Mar a thuirt e san leabhar aige Steall à Iomadh Lòn, "Tha mi taingeil gur ann an coimhearsnachd Gàidhlig a chaidh m' altram, ach air mo dhorranachadh gu bheil i air crìonadh. Tha mi taingeil cuideachd gun d'fhuair mi iomadh cothrom, eadar dualchas, càirdeas, àrainneachd, foghlam, cosnadh is siubhal. Ach 's e na dh'ionnsaich mi aig a' ghlùin an cothrom bu phrìseile dhiubh uile."
B' e seanchaidh air leth a bh' ann agus anns an t-sreath phrògraman tha seo tha e ag innse mar a chuir e seachad a bheatha 's an iomadh lòn às na chuir e steall.
Chaochail Seonaidh Ailig air an 31mh den Lùnastal 2017 aig aois 79. Show less