Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Sealladh Eile

Series 1

Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein ann a Gearraidh Bhailteas, ann an Uibhist a Deas. Fhuair e chuid fhoghlaim eadar Uibhist agus Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain mas do thog e air gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd ann an Valladolid sa Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e mach na shagart san Ògmhìos 1971 agus fad grunn bhliadhnaichean bha e na shagart-paraiste ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh mus deach e a dh' obair mar oifigear leigheas-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh agus a' toirt comhairle seachad dhaibhsan a tha faisg orra.

Tha e an-diugh air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad agus tha e a' fuireach ann a Port na Bànrighinn a Deas le a' bhean Màiri agus an teaghlach aca.

Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath seo de Sealladh Eile, gheibh sinn beachdan Iain Eàirdsidh a thaobh feallsanachd agus pearsantachd, cluinnidh sinn dè na buadhan as làidire th' aige agus an laigse a th' ann a mhiannaicheadh e atharrachadh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More