Tha a' bhan-Sgalpach Mòrag Nicleòid air a bhith comharrachadh gu bheil i air aois 80 bliadhna a ruighinn am bliadhna le ceilidh mòr ann Talla Sgalpaigh aig toiseach na Sultain mar phàirt de dh' Fhèis Blas. Thagh i fhèin na seinneadairean agus an h-òrain airson a' cheilidh agus abair gu robh taghadh ann a sin, agus ciamar nach biodh? Chuir Mòrag Nicleòid seachad faisg air 40 bliadhna aig Sgoil Eòlais an h-Alba am measg ceòl agus òrain Ghàidhlig eadar a bhith dhan cruinneachadh, dhan sgrìobhadh, a' teagasg mun deidhinn agus dhan ionnsachadh do chàch.
Anns an t-sreath phrògraman seo tha i ann an còmhradh ri Dòmhnall Camshron mu beatha eadar Sgalpaigh 's Dùn Èideann agus an iomadh rubha eile ris an do shuath i na cuid obrach. Sa chiad program tha i ag innse mu h-òige ann a Sgalpaigh agus mu bhith falbh dhan sgoil a dh' Inbhir Nis aig aois 11. Show less