Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Sealladh Eile

Series 1

Màrie C NicAmhlaigh - Liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Rugadh agus thogadh Màrie C NicAmhlaigh ann an Siabost air taobh siar Eilean Leòdhais. Bhos cuimhne leatha bha ùidh aice ann an seanchas agus sgeulachdan agus chan iongnadh mar sin gun robh i fad iomadh bliadhna ag obair aig Comhairle nan Leabhraichean. Tha Màrie air sgriobtaichean a dhèanamh dhan BhBC airson prògraman leithid Dotaman agus Bailemhuilinn ach bha i seachad air leth-cheud bliadhna a dh' aois mas do thòisich i air leabhraichean chloinne a sgrìobhadh agus fhoillseachadh. Chaidh an stèidheachadh air na cleasan a bh' aig an triùir nighean aice fhèin 's iad a' fàs suas.

Tha i tric ri cluinntinn a' cur a beachdan air iomadh cuspair an cèill air BBC Radio nan Gàidheal ach 's i fhèin cuspair a' chòmhraidh an t-seachdain sa agus liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain MacIlleMhìcheil dhi. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More