Tha Anna NicRisnidh air a bhith a' fulang le ME (Myalgic Encephalomyelitis) airson còrr is fichead bliadhna.
'S ann an dèidh dhith a bhith tinn le bhìoras a' "flu" a bhuin ME rithe an toiseach agus b' fheudar dhith a h-obair ann an coimpiutaireachd a leigeil dhith. Chan eil Anna air obrachadh on uairsin. Tha an tinneas ga fàgail le sgìths do-chreidsinneach, gun lùths na fèithean agus duilgheadasan le a cuimhne is le a cadal. An dèidh ùine cho fada a' fulang le ME, tha i air fàs cleachdte ri pàtran an tinneis is tha i a' dèanamh mar as urrainn dhith a-rèir mar a bhios i a' faireachdainn bho là gu là.
Bhruidhinn Anna ri Catriona Mhoireach mun bhuaidh a tha ME air toirt air a beatha. Show less