Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Sealladh Eile

Series 1

Ailean Dòmhnallach - Liosta cheistean do Ghàidheil a tha aithnichte

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Ailean Dòmhnallach air a bhith ag obair ann an craoladh Gàidhlig bho thòisich e anns a' BhBC anns na seachdadan. B' e a' chiad mhanaidsear a bh' aig BBC Radio nan Eilean ann an Steòrnabhagh agus bha e cuideachd os cionn a' BhBC air Ghàidhealtachd mas d' fhuair e dreuchd mar Riochdaire Telebhisean ann an Glaschu.
Chaidh e an uairsin gu Telebhisean Grampian ann an Obar Dheathain far an robh e na Cheannard Gàidhlig gus an do stèidhich e an companaidh telebhisean neo-eisimeileach aige fhèin, MNE TV.

Thar nam bliadhnaichean tha e air a bhith na àrd-riochdaire agus na stiùiriche air prògraman de gach gnè, a bharrachd air a bhith na Chathraiche air a' Chomann Malairt TV agus Film PACT ann an Alba agus na Stiùiriche air Bòrd PACT na Rìoghachd Aonaichte ann an Lunnainn. Tha e an-dràsta na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig.

Ann an Sealladh Eile na seachdain sa, tha liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain MacIlleMhìcheil do dh'Ailean. Gheibh sinn a-mach dè na buadhan as làidire a th' aige, dè rud a b' fheumail a dh' ionnsaich a phàrantan dha agus cluinnidh sinn sgeulachd a thaobh aon rud prìseil a cheannaich e air chuairt gu ruige Iosrael ris nach dealaich e. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More