Tha Dòmhnall Moireasdan à Beàrnaraigh na Hearadh air a bhith dall bho rugadh e. Aig aois còig bliadhna, chaidh a chur gu sgoil airson na doille an Dùn Èideann far an do dh'ionnsaich e Braille a leughadh. Thairis air na bliadhnachan tha e air a bhith ag obair ann an oifis an Dùn Èideann, mar neach-gleusaidh phiàna sna h-Eileanan an Iar agus a' feagairt fònaichean do sheirbheis nam poileas ann am Birmingham.
An-diugh, aig aois 65, tha e na oileanach aig oilthigh ann am Birmingham a' dèanamh ceum ann an Òigridh, Coimhearsnachd agus Teaghlaichean.
Chuir Catriona Mhoireach seachad là còmhla ris airson feuchainn ri beachd fhaighinn air mar a tha a dhoille a' buntainn ris gu làitheil. Show less