Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,940 playable programmes from the BBC

CiorramACH

Episode 3: Teaghlach Mhic a' Ghobhainn

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Mina agus Donnie Mac a' Ghobhainn ann an suidheachadh air am bi iomadach pàrant eòlach gu leòr. An dèidh bliadhnachan a' togail an teaghlaich tha an duine as òige, Iain, air gluasad a-mach às an dachaigh a' fàgail am pàrantan le measgachadh de thoileachas agus ionndrainn. Tha cerebral palsy air Iain agus aig aois còig bliadhna deug thar fhichead tha e a-nis air gluasad gu taigh a tha mu mhìle air falbh o dhachaigh a phàrantan ann am Bearsden air taobh a-muigh Ghlaschu. Tha Iain is an dithis fhireannach eile a tha a' fuireach còmhla ris san taigh a' faighinn taic bho sheirbheisean sòisealta. Tha Mina is Donnie a' bruidhinn ri Catriona Mhoireach mun cheum ùr seo dhan teaghlach. Tha iad cuideachd a' bruidhinn gu fosgailte air mar a dh'atharraich beatha an teaghlaich gu lèir an dèidh do Mhina a bhith ann an droch thubaist-rathaid san Dùbhlachd 2005. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More