Ann am prògram na mìos sa 's ann air leabhar ùr Chaluim L. MhicLeòid, A' Togail an t-Srùbain, a bhios Marc Wringe a' meòrachadh còmhla ri Kathleen Reddy agus Gillebrìde MacIlleMhaoil.
Cuideachd anns a' phrògram, Iochd! Mo chreubhag! Dìogan mise, tha Oor Wullie a-nis againn sa Ghàidhlig agus tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart còmhla rinn airson innse dhuinn mu dheidhinn. A bharrachd air a sin cluinnidh sinn bho Iain Eachann Ros, ùghdar leabhar ùr mu uisge-beatha. Show less