Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Sealladh Eile

Series 1

Mata MacÌomhair

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Rugadh agus thogadh an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair ann an Port nan Gìuran san Rubha, ann an Leòdhas agus thairis air dreuchd air leth soirbheachail ann am foghlam, bha e na Cheannard air Acadamaidh na Cananaich agus air Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann. Bha e cuideachd na Àrd-Oifigear air Comhairle Choitcheann Luchd-teagasg na h-Alba.

Thar nam bliadhnaichean tha e air a bhith an sàs gu mòr ann an leasachadh na Gàidhlig. Bha e na Chathraiche air Comhairle nan Sgoiltean Àraich, Comataidh Craolaidh na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Buidheann-Obrach Nàiseanta air gainnead luchd-teagasg anns a' Ghàidhlig. Chaidh ainmeachadh ann an 2013 mar bhall neo-eisimeileach na Rìoghachd Aonaichte air Comataidh Shàr-Eòlaichean Chairt Eòrpach nan Mion-Chànanan.

Anns an dàrna prògram dhen t-sreath, tha liosta cheistean an-àbhaisteach aig Iain MacIlleMhicheil do Mhata. Cluinnidh sinn cò an ceathrar a bheireadh esan gu dinnear, dè na nithean air a bheil e a' cur luach sònraichte agus mu aon sgil a mhiannaicheadh e ionnsachadh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More