Rugadh Coinneach Moireasdan gun cnàmh fibula na chois dheis a' ciallachadh gu robh coiseachd uamhasach doirbh dha na òige. Bha Coinneach seachd bliadhna a
dh'aois nuair a chaidh co-dhùnadh a chas a thoirt dheth. Bhon uairsin chun an là an-diugh chan eil e air leigeil le a chiorram stad a chur air ann an raon sam bith de a
bheatha.
Na bhalach òg ann an Scalpaigh bha e a' cluiche iomadach spòrs còmhla ri a chomhaoisean agus an-diugh tha e na chaiptean air Club Goilf na Hearadh. Tha e
air urram cuideachd a chosnadh mar bhall de sgioba Alba a tha a' cluiche goilf do dhaoine ciorramach aig ìre eadar-nàiseanta.
'S e duine blàth, dàimheil a th' ann an Coinneach agus tha e na dheagh thosgaire airson spòrs do dhaoine air a bheil ciorram agus air nach eil. Bhruidhinn e ri Catriona Mhoireach. Show less