Thairis air na fichead bliadhna o rugadh Joanne Katherine Mhoireach ceithir mìosan tràth, tha i air ceumanan a dhèanamh agus rudan a choileanadh na beatha nach biodh a pàrantan a' creidsinn a bhiodh comasach dhi an là a thug iad dhachaigh a Leòdhas i sia miosan an dèidh a breith ann an Ospadal Yorkhill an Glaschu. Tha Ann Joan Mhoireach, màthair Joanne, a' bruidhinn gu fosgailte ri Catrìona Mhoireach mu na dùbhlain a bha agus a tha ro Joanne.
Ri linn dortadh-fala air a h-eanchainn goirid an dèidh a breith, tha Joanne dall, bodhar, gun chomas labhairt, gun chomas coiseachd, air a biathadh tro a stamaig agus a' fulang leis an tinneas tuiteamach. A dh'aindeoin a ciorraim ge-tà, tha Joanne an-diugh a' snàmh, 's urrainn dhi a dhol air baidhsagal agus seasamh le taic. Tha an teaghlach cuideachd air a bhith a' dol air làithean-saora thall thairis bho bha Joanne na nighean bheag.
Chan ann gun strì a tha na tha seo air a bhith comasach agus tha Ann Joan a' moladh an cuideachadh a fhuair Joanne bho bhith an sàs anns an sgeama gluasaid Move fhad 's a bha i ann an Sgoil Drummond san Eilean Dubh. Tha i gu làidir den bheachd gum bu chòir barrachd cuideam a bhith air a chur air na rudan as urrainn do dhaoine ciorramach dèanamh seach na rudan nach urrainn. Show less