Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,741 playable programmes from the BBC

Tuil Mhòr an Eilein Sgitheanaich

Episode 1

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Air an 13mh là den Dàmhair, 1877, bhuail tuil air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a rinn sgrios uabhasach. Bha an tuil cho dona 's gun dh'fhalbh i le loidse an uachdarain ann an Ùige agus bhàsaich fear den luchd-obrach a bha na broinn. Chaidh drochaidean a mhilleadh agus chaidh a' mhòr chuid de seann chladh Ùige a sguabadh a-mach gu muir, a' fàgail seallaidhean uabhasach de chuirp agus de chisteachan briste air feadh an àite. Ann an Stafainn, b' fheudar do mhuinntir an àite am ministear a thoirt a-mach tro uinneag a' mhansa air ròpa leis cho àrd 's a dh'èirich an t-uisge.

'S ann à Stafainn a tha am fear-naidheachd Seumas Dòmhnallach agus, thar an dà phrògram a tha seo, tha e airson tuilleadh ionnsachadh mun tuil mhòr bho chlàran oifigeil agus bho mhuinntir na sgìre fhèin. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More