Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,429 playable programmes from the BBC

Tidsearan

Eilidh NicDhonnchaidh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Sa phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, tha Calum McConnell a' coinneachadh ri tè òg às an Eilean Sgitheanach a bhios a' teagaisg ann an iomadach dòigh. Tha Eilidh NicDhonnchaidh na neach-trèanaidh lagha ann an Dùn Èideann, is bidh i a' teagaisg gu prìobhaideach agus air na cùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig san ùine aice fhèin.

Tha Eilidh ag innse do Chalum carson a tha i fhathast a' teagaisg ged a tha a beatha cho trang sna làithean sa. Cuideachd, tha i a' coinneachadh ris an tidsear a thug buaidh oirre fhèin, Murdina Stiùibhart, airson còmhradh mu làithean na sgoile agus mar a tha an dithis aca a' teagaisg chùrsaichean goirid a-nise.

Cuideachd, tha Calum a' coinneachadh ri seann thidsear eile a bh' aig Eilidh ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, Eoghan Stiùibhart. Bha Eoghan ga cuideachadh nuair a shoirbhich Eilidh agus a caraid Anna aig Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean ann an 2009. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More