Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,488 playable programmes from the BBC

Tasglann Chanada

Màiri Mhoireasdan à Geocrab sna Hearadh a' fuireach am Montreal, 1970

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Còmhradh inntinneach eile aig Fred MAcamhlaigh dhuinn anns an t-sreath againn à tasglann Chanada a seo aig Radio Nan Gàidheal. Tha 130 bliadhna bho sheòl an te a chluinneas sibh sa phrògram às na Hearadh a Chanada agus tha faisg air 50 bliadhna bho bhruidhinn Fred MacAmhlaigh rithe ann a 1970 . Ann am Montreal chaidh e a cheilidh air a' bhean-phòsta Màiri Mhoireasdan, 's i dìreach còig bliadhna gann air ceud bliadhna a dh' aois. Sheòl an teaghlach aice air an SS Siberian à Glaschu air an 16mh den Ògmhios 1887 agus ràinig iad Port Levis an Quebec 12 là às dèidh sin. Tha i ag innse cho duilich agus a bha e dha h-athair an toiseach agus gun eòlas aige air obair talmhainn 's e ri iasgach sna Hearadh, mar a bha an cianalas orra, mar a bhiodh clann eile a' fanaid air a' chainnt aca ach mar a fhuair iad air adhart a dh'aindeoin cùis. A thuilleadh air a sin bha Màiri eòlach air Dòmhnall Moireasdan à Leodhas, am Megantic Outlaw, agus tha i ag innse mar a thachair dha. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More