Airson 150 bliadhna bho chaidh Co-Chaidreachas Chanada a stèidheachadh a chomharrachadh tha sinn air a bhith anns an tasglann againn a seo Radio nan Gàidheal a thuilleadh air a bhith a' craoladh phrògraman ùra.
Ann an 1983 an Nead an Fhithich chualas mòran ghuthan à Canada an dèidh dha Fred MacAmhlaigh a bhith thall. Am measg nan guthan sin bha guth Mary Ann Boardman. Chaidh a seanair a Chanada ann a 1885, cha robh a h-athair ach 9 bliadhna an uair sin, agus thuinich an teaghlach faisg air Regina am measg Ghàidheal eile. Bha Mary Ann 62 ann a 1982 agus a' fuireach ann a Wapella. Rinn i dealbh air mar a bha cùisean dha sinnsirean agus air a togail fhèin, togail a bha gu math Gàidhealach. San dàrna leth den phrògram tha nighean bràthair a seanar, Oighrig NicDhòmhnaill a' tighinn a-steach air a' chòmhradh. Show less