Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,762 playable programmes from the BBC

Tasglann Chanada

Episode 2: À Uibhist gu Saskatchewan

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Canada, mar a chuala sinn na bu tràithe air a' bhliadhna, a' comharrachadh 150 bliadhna bho chaidh Co-Chaidreachas Chanada a stèidheachadh 's mar a tha fios againn, 's iomadh Gàidheal a chaidh a-null thar na linntean, cuid dhan deòin agus cuid dhan aindeoin. Tha earrann den eachdraidh aca air a thasgadh againn a seo aig Radio nan Gàidheal.

Rinn Fred MacAmhlaigh sreath phrògraman ann a 1983 an dèidh dha clàraidhean a dhèanamh an Canada ann a 1982. Anns a' phrògram seo tha Fred a' toirt sùil air cuid den fheadhainn a dh'fhalbh à Uibhist a Deas agus Beinn a' Bhadhla sna 1880an agus a thog orra gu Saskatchewan. Tha e a' mìneachadh suidheachadh nan eilean aig an àm agus mar a dh'fhalbh a' chiad bhuidheann ann an 1883 air an SS Scandinavian, le fianais phearsanta bho leabhar-là Dhòmhnaill MhicDiarmaid bhon Àrd am Beinn a' Bhadhla a bha còmhla ris a' bhuidhinn sin, ach a bha cuideachd air a bhith thall roimhe a' coimhead ris an àite. Tha litrichean eile cuideachd a tha ag innse cho math agus a bha cùisean thall le talamh gu leòr agus sìol dha chur, ach bha cuid eile a bha ag innse mu cion fiodh airson connadh agus taighean a thogail. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More