Chan eil a' Ghàidhlig ann an teaghlach Sgàire Uallais. Thòisich e ga h-ionnsachadh leis fhèin na sheòmar-cadail is e na dheugaire ann an Waterloo, Ontario. Tha e a-nis na oileanach ann an Toronto agus tha e a' cleachdadh na Gàidhlig cho tric 's a thèid aige air. A bharrachd air a' Ghàidhlig agus an oilthigh ge-tà, bidh Sgàire ri bàrdachd, tha e na bhall de Chomann Gàidhlig Thoronto agus tha eòlas-obrach aige ann an oifis Lieutenant Governor Ontario. Bhruidhinn Gilleasbuig MacDhòmhnaill ri Sgàire mu bheatha. Show less