Tha Eilidh NicLeòid a' tadhal air Etta Mhoireasdan a-rithist feuch ciamar a chaidh leatha staigh sa pholytunail agus a' dèanamh biadh còmhla rithe a' cleachdadh stuth a dh' fhas an dithis aca. Cluinnidh i bho Dhaibhidh Murchadh MacAoidh mun cheum ùr a tha polytunailean Hoirsiadair a' gabhail. Bidh Seumas Dòmhnallach ag innse mun tlachd agus an ùrachadh a tha a pholytunail a' toirt dha agus na rinn e airson obair ann a dhèanamh nas fhasa nuair a dh' fhas e tinn. Agus air taobh sear an eilein tha Eilidh a' bruidhinn ri Coinneach Mac a' Ghobhainn ann an dlùth-choille a' pholytunail agus a' faicinn nan craobhan annasach a th' aig Murchadh Dòmhnallach fo ghlainne. Show less