Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,762 playable programmes from the BBC

Tasglann Chanada

Episode 1: Ciorstaidh Nic-a-phì à Redjacket, Saskatchewan a' bruidhinn ri Fred MacAmhlaigh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Canada, mar a chuala sinn na bu tràithe air a' bhliadhna, a' comharrachadh ceud gu leth bliadhna bho chaidh Co-Chaidreachas Chanada a stèidheachadh 's mar a tha fios againn, 's iomadh Gàidheal a chaidh a-null thar na linntean, cuid dhan deòin agus cuid dhan aindeoin. Tha earrann den eachdraidh aca air a thasgadh againn a seo aig Radio nan Gàidheal agus thairis air na deich seachdainnean tha romhain cluinnidh sinn cuid dhiubh. An toiseach sreath phrògraman a rinn Fred MacAmhlaigh an dèidh dha sgrìob a thoirt a-null a Chanada ann a 1982 agus a chaidh a chraoladh ann a 1983.

Dh'fhàg teaghlach Ciorstaidh Nic-a-phì Gramasadal am Beinn a' Bhadhla airson beatha ùr an Canada ann a 1884 agus rugadh Ciorstaidh ann a Redjacket, Sakatchewan còig bliadhna às dèidh sin. Nuair a chlàr Fred i ann a Moosomin, Saskatchewan bha i 95, ged nach aidicheadh i ach ri 90, agus rinn i dealbh gu math soilleir air mar a thachair riutha mar theaghlach. Chailleadh a pàrantan triùir chloinne agus bha am prairie lom le teantaichean fuar sa gheamhradh ach shoirbhich leotha mu dheireadh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More