Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,432 playable programmes from the BBC

Baile Horgaboist aig 80

Feadhainn de mhuinntir a' bhaile len cuimhneachain fhèin

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Chomharraich deireadh a' Chèitein 2017 gu robh ceithir fichead bliadhna bho ghluais an teaghlach aig Dòmhnall Dòmhnallach gu baile Horgaboist, baile a bha air ùr shuidheachadh. B' ann às na Bàigh air taobh an ear na Hearadh a ghluais an teaghlach aig Dòmhnall chun a' mhachaire air an taobh an iar.

Sa phrògram sa, tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' coinneachadh ri feadhainn eile coltach rithe fhèin a bha ag èirigh suas sa bhaile bheag seo air a' mhachaire anns nach robh ach ochd fearainn. Cluinnidh sinn, ged nach robh na h-uidhir de dhaoine a' còmhnaidh ann, gum b' e baile air leth trang a bh' ann fad na bliadhna. Air feadh an t-samhraidh bhiodh luchd-turais a' tighinn a champachadh chun na tràghad, gu leòr dhuibh a' tilleadh a h-uile bliadhna agus càirdeas leantainneach air a dhèanamh ri muinntir a' bhaile.

Ach cha robh e gu diofar dè an t-àm dhan bhliadhna bhiodh ann, bho mhoch gu dubh, dh'fhaodar a bhith cinnteach gum biodh othail gu leòr timcheall air dachaigh chlann MhicAoidh aig 'Number 5! Eadar a bhith ruith bùth agus stòr agus companaidh làraidhean, cha robh e gu diofar dè an t-àm den latha air an tadhladh muinntir na Hearadh aca, bha aoigheachd a' fèitheamh orra bho Iain Mòr agus Mìmi. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More