Às dèidh dha greiseag a thoirt a' seòladh, agus a dhithis bhràithrean air sgìre Nis fhàgail roimhe airson an aon rud a dhèanamh, rinn Fionnlagh Macleòid Seirbhis Nàiseanta san RAF an Ùige Leòdhais agus chuir e seachad ùine na fhear-smàlaidh ann a Lunnainn.
Chuir Fionnlagh, a bha, mar a thuirt e fhèin, cha mhor 'uneducable' mun àm a dh'fhàg e Sgoil Lionail, an uairsin aghaidh ri foghlam sna tri ficheadan. Bha an inntinn a bha a' sireadh a-nise air cothrom fhaighinn 's a gabhail agus 's e an eanchainn an cuspair air na shuidhich e. Ach carson an eanchainn? Show less