Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,431 playable programmes from the BBC

Baile Horgaboist aig 80

Baile Horgaboist - eachdraidh na sgìre thar 80 bliadhna

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Bha ceithir fichead bliadhna ann an 2017 bho ghluais an teaghlach aig Dòmhnall Shàm Dòmhnallach às na Bàigh anns na Hearadh chun a' mhachaire, gu baile Horgaboist a bha air ùr shuidheachadh. 'S mar a chuala sinn sa chiad phrògram 's e Dòmhnall am fear mu dheireadh sa bhaile aig a bheil cuimhne air tighinn chun a 'mhachaire, 's gun e ach na bhalach beagan agus sia bliadhna a dh' aois.

Tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' gabhail cuairt air ais gu baile a h-àraich fhèin, baile Horgaboist, còmhla ri a nàbaidh Dòmhnall. Thòisich iad a' chuairt shuas ann an Gleann Horgaboist agus lean iad orra nuas am baile.

Mas do ràinig iad lèana Horgaboist agus sgrìob chun na tràghad, stad iad greiseag aig ceann an rathaid aig dachaigh Dhòmhnaill airson an n-anail a ghabhail le cupa teatha, agus beagan meòrachaidh a dhèanamh air làithean òige agus na cur-seachadan a bhiodh aige fhèin agus a bhràthair Calum. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More