Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,845 playable programmes from the BBC

Sireadh Fhionnlaigh

Episode 1: Òige ann an Adabroc a Nis sna 40an

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha an Dtr Fionnlagh Macleòid air a bhith a' sireadh dha fhèin fad a bheatha agus thairis air na seachd prògraman tha seo gheibh sinn boillsgeadh air dìreach cuid de na rudan a thog ùidh 's ris na ghreimich e agus a thug toileachas dha. Rugadh agus thogadh e ann am baile Adabroc ann a sgìre Nis an Eilean Leòdhais. Tha e na ceithir fichead bliadhna dùint' a-nis, ach cha bheag a shaoileas sin air an inntinn nach eil air a bhith na tàmh na bliadhnaichean tha sin, eanchainn a th' air a bhith a' sireadh gun sguir.
Chaidh e a sheòladh às dèidh na sgoile, rinn e Seirbhis Nàiseanta san RAF, bha e greiseag na fhear-smàlaidh ann a Lunnainn, thug e mach saidhc-eòlas an Obar Dheathain, bha e a' teagasg, bha e na chomhairliche foghlaim, agus chan eil raon de na h-ealain Ghàidhlig anns nach robh e a' sàs.
Ach a' dol air ais chun an toisich, ged a bha òige dòigheil ann an iomadach seadh, bha falamhachd ann cuideachd. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More