Thug Alasdair MacIlleathain còrr is dà fhichead bliadhna ag obair ann an saoghal an fhiaclaireachd ann an Alba, an dà chuid mar fhiaclair agus mar Rùnaire Albannach Comann Fiaclaireachd Bhreatainn, am BDA. Bho bhith a' socrachadh chloinne air an robh eagal bàis on fhiaclair gu bhith a' dèiligeadh le luchd-poilitigs ann an Dùn Èideann agus ann an Lunnainn bha sgilean Alasdair mar fhiaclair is mar fhear-rèiteachaidh air an cuir an gnìomh rè na h-ùine sin. Bho leig e dheth a dhreuchdan uile gu lèir ann an 2004 tha barrachd ùine aige fhèin is a bhean Valerie airson nan cur-seachadan air a bheil e measail, nam measg, ealain agus opera. Show less