Aig deireadh an t-samhraidh thàinig naidheachd gun robh Taigh-òsta Roghadail ann an ceann-a-deas na Hearadh a' dùnadh a dorsan airson an uair mu dheireadh agus ga cuir air a' mhargaidh, a' ciallachadh deireadh a' cheangail ris an teaghlach MacCallum aig an robh an taigh-òsta bho 1934. B' e togalach a bha seo a choisinn cliù ann an eachdraidh a' dol air ais gu 1781 nuair a chaidh a thogail le Alasdair MacLeòid a bhuineadh do Bheàrnaraigh 's aig an robh oighreachd na Hearadh aig an àm.
Anns a' phrògram seo tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' cluinntinn bho Dhòmhnall Dòmhnallach a tha na eachdraiche anns a' sgìre mu na bliadhnaichean a bha Taigh Roghadail aig a' Mhorair Dunmore agus aig a' Mhorair Leverhulme suas gu 1925. Tha sgeulachd romansach aig Dòmhnall cuideachd a dh'fhàg Taigh Roghadail glè mhòr anns na naidheachdan ann a 1850: sgeulachd Seasaidh Bhaile Raghnaill.
Tha Coinneach Caimbeul ag innse mar a chaidh a sheanair agus fear eile às an t-Òb, Seonaidh Eàirdsidh Moireasdan, sìos a Lunnainn gu rup ann an 1926 a cheannach an taigh-òsta.
Bidh Ceitidh Anna cuideachd a' coinneachadh ri dithis a bha ag obair anns an taigh-òsta anns na 1950an suas ri fichead bliadhna às dèidh do Sheoc MacCallum sealbh a ghabhail air an àite. 'S iadsan Flòrag Nic A' Phiocair à Roghadal agus Katie Mary Mhoireasdan bhon Bhogha Ghlas. Agus bithear a' cuimhneachadh air na làithean a bhiodh an 'Lochmòr' a' tadhal ann an Loch Roghadail agus mun latha eachdraidheil a thadhail am 'Brittania' anns a' bhliadhna 1956 leis an Teaghlach Rìoghail air bòrd. Show less